Gaelic Media Service was officially founded in 2003, replacing CTG (Comataidh Telebhisein Gàidhlig) and helped to set up a Gaelic channel in partnership with the BBC.  In 2008, Gaelic Media Services rebranded as MG ALBA and BBC ALBA began broadcasting. Later this year the channel will be celebrating its 10th birthday.

Since the rebranding and widening of its remit in 2003, Gaelic Media Services (MG ALBA) has grown from a core staff of 9 to 35 in 2018.  Most of this staff is based in the headquarters in Stornoway with a further presence in Glasgow and Inverness.  MG ALBA has also helped to develop the local media industry in the islands, which now employs in excess of 150 people.

MG ALBA also launched the Gaelic short film competition FilmG in 2008, which celebrated its own 10th anniversary earlier this year at its awards ceremony in Glasgow, and, in partnership with other organisations, helps to deliver LearnGaelic.

Chaidh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a stèidheachadh gu h-oifigeil ann an 2003, a’ gabhail àite CTG (Comataidh Telebhisein Gàidhlig) agus, ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, chaidh seanail Gàidhlig a chur air chois. Ann an 2008, ghabh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig an t-ainm MG ALBA agus thòisich BBC ALBA a’ craoladh. Am bliadhna bithidh an t-seanail a’ comharrachadh 10 bliadhna on chaidh a stèidheachadh.

Bho 2003, nuair a leudaich a dhleastanasan, tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (MG ALBA) air fàs bho bhith a’ fastadh 9 luchd-obrach gu 35 ann an 2018. Tha a’ mhòr chuid dhiubh seo sa phrìomh oifis ann an Steòrnabhagh le cuid eile eadar Glaschu agus Inbhir Nis. Tha MG ALBA cuideachd air gnìomhachas nam meadhanan a bhrosnachadh gu h-ionadail agus nise tha còrr air 150 an sàs ann thar nan eilean.

Chaidh am farpais film goirid FilmG a stèidheachadh ann an 2008 cuideachd, agus chomharraich FilmG an 10mh bliadhna aig oidhche nan duaisean ann an Glaschu na bu tràithe am bliadhna.  Tha MG ALBA cuideachd a’ lìbhrigeadh LearnGaelic cuide ri companaidhean eile.